Beag Air Bheag
Episode 7
- Autor: Vários
- Narrador: Vários
- Editora: Podcast
- Duração: 0:55:39
- Mais informações
Informações:
Sinopse
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Gach seachdain, treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.Anns a' phrògram seo, cluinnear criomagan à tasglann Radio nan Gàidheal le mìneachadh air cuid de na puingean cànain a tha a' togail ceann annta, bidh an t-Ollamh Michel Byrne a' toirt thugaibh Oisean a' Ghràmair agus bidh Ruairidh MacIlleathainn a' toirt sùil air cuid de na h-ainmean àite a tha a' nochdadh air mapaichean na h-Alba. Cuideachd sa phrògram, bidh Iain a' coinneachadh ri luchd-ionnsachaidh na seachdain, Graeme agus Jane Welsh, agus a' cluinntinn mu an roghainnean ciùil agus bidh Catrìona Mhoireach a' toirt thugaibh Blasad Beag, beagan Gàidhlig shìmplidh airson luchd-tòiseachaidh.Presenter Joh